Testo Nuair Bha Mi Og

Testo Nuair Bha Mi Og

Moch 's mi'g éirigh air bheagan éislein Air madainn Chéitein 's mi ann Os Bha spréidh a' geumnaich an ceann a'chéile 'S a'ghrian boillsgeadh air slios nam beanntan Cur tuar na h-oidhche 'na dheann fo sgòd Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannmhor Toirt 'na mo chuimhne nuair bha mi òg. Toirt 'na mo chuimhn' iomadh ni a rinn mi Nach fhaigh mi 'm bann gu ceann thall mo sgeòil A 'falbh 'sa gheamhradh gu luaidh is bainnsean Gun solus lainnteir ach ceann an fhòid Bhiodh òigridh ghreannmhor ri ceòl is dannsa Ach dh'fhalbh an t-am sin's tha 'n gleann fo bhròn Bha 'n tobht' aig Anndra 's i Iàn de fheanntaig Cur 'na mo chuimhne nuair bha mi òg. Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan Far 'n robh mi suaimhneach a'cuallach bhò Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach De shliochd na tuath bha gun uaill gun ghò Na raoin's na cluaintean fo fhraoch is luachair Far 'n tric a bhuaineadh leam sguab is dlòth 'S nam faicinn sluagh agus tighean suas annt' Gum fàsainn suaimhneach mar bha mi òg.
Testi Donnie Munro